Coligno
Abairt air chall Bha cuid-eigin a' faighneachd dhìom mu dhéidhinn abairte a chanadh seann-phàrant aice nach maireann. Their i gum b'ann ann an Gàidhlig a bha e a' bruidhinn agus gun robh fuaimneachadh na h-abairte mar "me too you". Bu chòir gun robh an abairt a' ciallachadh rud-eigin mar "tha gaol agam ort". Dh'iarr i orm cruth bunasach na h-abairte ann an Gàidhlig ach cha smaoinich mi idir air abairt sam bith a bheil ciall coltach ri sin agus fuaim coltach ri sin oirre. Am bheil beachd sam bith agaibhse? Tapadh leibh.
22 okt. 2018 13:22
Antwoorden · 1
Chan eil dad a' tighinn a-steach orm agus a bhiodh coltach ris an fhuaimneachadh "me too you".
27 april 2019
Heb je je antwoorden nog steeds niet gevonden?
Schrijf je vragen op en laat de moedertaalsprekers je helpen!