Tìm kiếm từ nhiều giáo viên Tiếng Anh...
Japan flagIúka
Òran a' Chuain (Song of the Sea) Earrann 5: Macha Buidsich Caillich-oidhche Tùs: Cartoon Saloon Eadar-theangachadh: YúKa & Mgr Steaphan MacRisnidh Caractaran Ben: Prìomh-charactar an fhilm Saoirse: Piuthar bhalbh Ben Cù: Cù an teaghlaich Conchobhar: Athair Ben agus Saoirse Granaidh: Seanmhair taobh athar Sgriobt (Ann an seòmar-cadail Ben) (Nochd Saoirse le leabhar “Stòiridhean Mamaidh” aig a làmhan) Ben: A Shaoirse, diorta? ’eil thu ag iarraidh stòiridh? (Crom Saoirse a h-aodann) Hmm. Ceart, innsidh mi sgeul dhut. An cuala tu mu Mhacha Buidsich Caillich-oidhche? (Crath Saoirse a h-aodann) Ben: Uill, tha i olc. A bheil fhios an eilein anns a’ mhuir? ‘S e Mac Lir a tha air. Theirear sin ris, a chionn, chan e eilean a th’ ann idir, ’s e fuamhair a th’ ann. Ghoid comhachagan Macha a h-uile faireachdainn aige agus thionndaidh iad na chlach e. Agus ’s e dòrainn na cùise gum b’ ise a mhàthair-san! B’ esan a’ chiad ìobairteach aice agus cha do sguir bhon uairsin. Chun an latha an-diugh, tha an t-eagal air na sìthichean uile tighinn a-mach air oidhche Shamhna oir ma thig, lorgaidh comhachagan Macha iad, ’s goididh iad am faireachdainnean ’s tionndaidhear ’nan clach iad. ´S e a-màireach Oidhche Shamhna. Dh’fhaodadh na comhachagan fiù ’s tighinn an-seo, agus faireachdainnean athar a ghoid ’s a thionndadh na chlach! (Tha Ben a’ toirt do Shaoirse a leus) Ben: Agus cha bidh gràdh aig duine ort. Agus seo an coltas a th’ air Macha. (Tha Saoirse a’ laighe air an leabaidh) Ben: A Shaoirse, ‘s e aonan sgeulachd Mamaidh. Chan eil e fìor.

Bài chữa · 1

0
Ceartachadh: ×Eadar-theangachadh: YúKa & Mgr Steaphan MacRisnidh ○Eadar-theangachadh: YúKa Co-obrachadh & Iùl eadar-theangachaidhean: Mgr Steaphan MacRisnidh

Bạn muốn tiến bộ xa hơn?

Hãy tham gia cộng đồng học tập này và thử nghiệm những bài tập miễn phí!

Đừng bỏ lỡ cơ hội học ngoại ngữ ngay tại nhà. Hãy xem danh sách các gia sư ngôn ngữ giàu kinh nghiệm của chúng tôi và đăng ký buổi học đầu tiên ngay hôm nay!

Bắt đầu học hôm nay